Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr:
Dèan tròcair orm, a Dhè, dèan tròcair orm, oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fo sgàil do sgiathan gabhaidh mi mo thèarmann gus an tèid na h‑uilc seo uile thairis.
A tha ag imeachd gu dol sìos don Eiphit, ach nach d’fhiosraich dhìomsa; a‑chum iad fhèin a neartachadh le neart Phàraoh, agus a dhèanamh buin à sgàil na h‑Eiphit.
Agus bidh duine mar ionad-fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn; mar shruthan uisge ann an àite tioram, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich.
Agus tha fhios agam gur beatha mhaireannach a àithne-san: air an adhbhar sin na nithean a tha mi a’ labhairt, mar a thubhairt an t‑Athair rium, mar sin tha mi a’ labhairt.
Oir cha nì dìomhain e dhuibh, a chionn gur e ur beatha e; agus leis an nì seo buanaichidh sibh ur làithean anns an fhearann a tha sibh a’ dol a‑null thar Iòrdan ga shealbhachadh.
Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd.
Agus thubhairt an dris ris na craobhan, Mas e is da‑rìribh gun ung sibh mise am rìgh oirbh, thigibh, cuiribh ur dòchas am sgàil-sa: agus mura dèan sibh seo, thigeadh teine a‑mach as an dris, agus loisgeadh e seudair Lebanoin.