Bheir cuileagan marbha air ola-ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim.
Dhaibh sin bheir mi ann am thaigh, agus an taobh a‑staigh dem bhallachan, àite agus ainm nas fheàrr na ainm mhac agus nighean; ainm sìorraidh bheir mi dhaibh, nach gearrar as.
Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.
Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.
Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.
Agus laigh i sìos aig a chasan gu madainn: agus dh’èirich i mun robh e an comas do dhuine duine eile aithneachadh. Agus thubhairt e, Na biodh fhios aig neach air bith gun tàinig bean a‑steach don ùrlar-bhualaidh.