Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 6:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is fheàrr sealladh nan sùl na seachran a’ mhiann: is dìomhanas seo mar an ceudna agus buaireadh spioraid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ma thionndaidh mo cheum as an t‑slighe, agus an dèidh mo shùl gun do ghluais mo chridhe, agus rim làmhan gun do lean smal air bith;

Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid.

Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.

Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean.

Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.

An sin sheall mi air m’obraichean uile a rinn mo làmhan, agus air an t‑saothair anns an do shaothraich mi ga dèanamh; agus, feuch, bu dìomhanas an t‑iomlan, agus buaireadh spioraid, agus cha robh tairbhe ann fon ghrèin.

A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhreann.

Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e.

Gu deimhinn o chionn fada bhris mi do chuing, sgaoil mi do chuibhrichean; agus thubhairt thu, Cha bhi mi eas-umhail. Oir air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine, tha thu a’ dol air seachran ri strìopachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan