Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 6:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ciod tuilleadh a tha aig an duine ghlic na aig an amadan? Ciod a tha aig a’ bhochd, don aithne siubhal an làthair nam beò?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.

Iomchairidh mi mi fhèin gu glic air slighe ionraic. O cuin a thig thu am ionnsaigh? Gluaisidh mi ann an ionracas mo chridhe ann am meadhon mo thaighe.

Gluaisidh mi ann am fianais an Tighearna ann an tìr nam beò.

Is fheàrr am bochd a ghluaiseas na ionracas, na esan a tha fiar na bhilean agus e na amadan.

Nuair a mheudaichear nithean matha, meudaichear iad a dh’itheas iad; agus ciod an tairbhe a tha annta dan sealbhadairean ach am faicinn len sùilean?

Is fheàrr sealladh nan sùl na seachran a’ mhiann: is dìomhanas seo mar an ceudna agus buaireadh spioraid.

Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo-lochdach.

Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan