Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn.
Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e.
Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?
Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.