Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 6:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus mar an ceudna, thug mi dhut an nì nach d’iarr thu, araon saoibhreas agus cliù, air chor is nach bi duine cosmhail riut am measg nan rìgh rè do làithean uile.

Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel.

Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite.

Agus thubhairt Dia ri Solamh, A chionn gu robh seo ad chridhe, agus nach d’iarr thu beartas, maoin, no cliù, no anam do naimhdean, agus mar an ceudna nach d’iarr thu saoghal fada; ach gun d’iarr thu dhut fhèin gliocas agus eòlas, leis an tugadh tu breith air mo shluagh-sa, air an do rinn mi thu ad rìgh:

O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan.

Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.

Sheas an sùil a‑mach le saill; fhuair iad thar miann an cridhe.

A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e.

Tha olc cràiteach ann a chunnaic mi fon ghrèin, saoibhreas air a ghleidheadh da shealbhadair a‑chum an aimhleis.

Is olc cràiteach seo mar an ceudna, air gach uile chor air an tàinig e, mar sin gun tèid e: agus ciod an tairbhe a tha aigesan a shaothraich don ghaoith?

Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhreann.

Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè.

Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil-inntinn ann an cuirm shòghmhoir.

Thugadh thairis ar n‑oighreachd do choimhich, ar taighean do choigrich.

O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair.

Shluig coigrich suas a neart, agus chan eil fhios aige air: seadh, tha fuilteanan liatha air, an siud agus an seo, gidheadh chan eil fhios aige air.

Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh:

Eiridh an coigreach a tha nur measg suas gu ro‑àrd os do chionn: agus thig thusa a‑nuas gu ro‑ìosal.

Nuair a thèid sibh, thig sibh a‑steach a dh’ionnsaigh sluaigh neo-umhailich, agus do thìr ro‑fharsaing; oir thug Dia thairis dur làimh i; àit anns nach eil uireasbhaidh nì air bith a tha air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan