No ma mhionnaicheas anam, ag ràdh le a bhilean gun dèan e olc, no gun dèan e math, ge bè air bith e a labhras duine le mionnan, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach ann an aon dhiubh sin.
Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.
Nuair a bheir thu bòid don Tighearna do Dhia, cha dèan thu moille na h‑ìocadh: oir gu cinnteach iarraidh an Tighearna do Dhia uat i; agus bhiodh e na pheacadh dhut.
Agus nuair a chunnaic e i, reub e a aodach, agus thubhairt e, Och, mo nighean! Is ro‑ìosal a leag thu mi, agus is aon thu dhiùbhsan a tha gam chlaoidh: oir dh’fhosgail mi mo bheul don Tighearna, agus chan fhaod mi dol air m’ais.