Is olc cràiteach seo mar an ceudna, air gach uile chor air an tàinig e, mar sin gun tèid e: agus ciod an tairbhe a tha aigesan a shaothraich don ghaoith?
An sin sheall mi air m’obraichean uile a rinn mo làmhan, agus air an t‑saothair anns an do shaothraich mi ga dèanamh; agus, feuch, bu dìomhanas an t‑iomlan, agus buaireadh spioraid, agus cha robh tairbhe ann fon ghrèin.
Dh’fhàs sinn torrach, bha sinn ann an teanntachd, rug sinn mar gum b’e gaoth; cha d’obraich sinn slàinte anns an talamh, cha mhò a tha luchd-àiteachaidh an t‑saoghail air tuiteam.
Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal, agus lean iad nithean nach toir buannachd.
Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt-ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.
Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.