Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth-se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail.
Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.
Mar a’ chearc a nì gur air uibhean, agus nach toir a‑mach eòin, tha esan a gheibh beartas, ach nach ann le còir; ann am meadhon a làithean dealaichidh e ris; agus na chrìch dheireannaich bidh e na amadan.
Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal.