Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 5:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì a ghràdhaicheas airgead, cha sàsaichear e le airgead; no an tì a ghràdhaicheas pailteas, le toradh: is dìomhanas seo mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Carson a nì thu uaill as an olc, O ghaisgich? Mairidh maitheas Dhè a‑ghnàth.

Feuch, seo am fear nach do rinn a neart de Dhia, ach a dh’earb à pailteas a bheartais, agus a neartaich e fhèin na aingidheachd.

Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air.

Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.

Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn.

Agus gach nì a mhiannaich mo shùilean cha do chùm mi uapa; cha do bhac mi mo chridhe o shubhachas sam bith: oir rinn mo chridhe aoibhneas ann am shaothair uile; agus b’e seo mo chuibhreann dem uile shaothair.

An sin sheall mi air m’obraichean uile a rinn mo làmhan, agus air an t‑saothair anns an do shaothraich mi ga dèanamh; agus, feuch, bu dìomhanas an t‑iomlan, agus buaireadh spioraid, agus cha robh tairbhe ann fon ghrèin.

Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Oir an nì sin a thachras do chloinn nan daoine, tachraidh e do na h‑ainmhidhean; tachraidh dìreach an aon nì dhaibh: mar a dh’eugas aon dhiubh, is ann mar sin a dh’eugas an t‑aon eile; seadh, is i an aon anail a tha aca uile; agus chan eil barrachd aig duine air ainmhidh, oir is dìomhanas iad uile.

Chan eil crìoch air an t‑sluagh uile, orrasan uile a bha romhpa: cha dèan iadsan mar an ceudna a thig nan dèidh gàirdeachas ann. Gu cinnteach is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e.

A‑nis tha tairbhe na talmhainn airson nan uile: riaraichear an rìgh fhèin as an fhearann.

Tha uile shaothair an duine airson a bheòil, agus gidheadh chan eil a mhiann sàsaichte.

Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad.

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.

Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan