Is fheàrr làn dùirn le suaimhneas, na an dà làimh làn le saothair agus buaireadh spioraid.
Is fheàrr beagan aig an duine ionraic na saoibhreas mòran dhroch dhaoine.
Is fheàrr beagan le ionracas, na teachd-a‑steach mòr gun cheartas.
Is fheàrr greim tioram, agus suaimhneas leis, na taigh làn de ìobairtean maille ri aimhreit.
Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid.
Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.
An sin thionndaidh mi, agus chunnaic mi dìomhanas fon ghrèin.