Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 4:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fillidh an t‑amadan a làmhan ri chèile, agus ithidh e a fheòil fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh?

Nì an duine iochdmhor math da anam fhèin; ach esan a tha an‑iochdmhor, claoidhidh e a fheòil fhèin.

Cha ròist an leisgean a shitheann; ach is luachmhor saoibhreas an duine dhìcheallaich.

Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor.

Airson an fhuachd cha treabh an leisgean; iarraidh e dèirc anns an fhogharadh, ach chan fhaigh e.

Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal?

Tha briathran beul duine glic gràsail; ach sluigidh bilean amadain e fhèin suas.

Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan