Agus leag iad sìos na bailtean, agus air gach mìr math fearainn thilg gach fear a chlach, agus lìon iad e; agus dhùin iad suas gach tobar uisge, agus leag iad sìos gach craobh mhath: a‑mhàin ann an Cir-haraset dh’fhàg iad a chlachan: ach chuartaich luchd nan crann-tabhaill e, agus bhuail iad e.
Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh-pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh-phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach.
Na cumaibh ur dlighe o chèile, ach le toil a chèile rè tamaill, a‑chum sibh fhèin a thoirt do thrasg agus do ùrnaigh; agus thigibh cuideachd a‑rìs, a‑chum nach buair Sàtan sibh airson ur neo-gheamnaidheachd.
Agus an àm dol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas iad o na croinn, agus thilg iad iad anns an uaimh anns an d’fhalaich iad iad fhèin, agus chuir iad clachan mòra am beul na h‑uamha, a tha an làthair gus a’ cheart là seo.