A dhaingnicheas facal a sheirbhisich, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas:
Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.
Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh.
Agus tàrlaidh, amhail a rinn mise faire os an cionn gu spìonadh a‑nìos, gu briseadh, agus gu tilgeadh sìos, agus gu sgrios, agus gu claoidh; mar sin nì mi faire os an cionn, gu togail, agus gu suidheachadh, deir an Tighearna.
Mar seo their thu ris, Mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, an nì sin a thog mi, tilgidh mi sìos; agus an nì sin a shuidhich mi spìonaidh mi a‑nìos; eadhon am fearann seo gu h‑iomlan.
Mar sin brisidh mi sìos am balla a thilg sibh thairis le criadh gun obrachadh, agus bheir mi a‑nuas gu làr e, air chor is gun leigear ris a bhunaitean; agus tuitidh e, agus bidh sibhse air ur milleadh na mheadhon: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
An sin fhreagair aingeal an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun tròcair a dhèanamh air Ierusalem, agus air bailtean Iùdah, ris a bheil thu ann an corraich a‑nis deich agus trì-fichead bliadhna?
Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.
Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.