An sin thionndaidh mi, agus dh’amhairc mi air gach uile fhòirneart a nìthear fon ghrèin, agus, feuch, deòir na dream a bha fo fhòirneart, agus gun aon fhear-comhfhurtachd aca! Agus air taobh an luchd-fòirneart bha neart, ach cha robh fear-comhfhurtachd acasan.
Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr-roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.
Seo uile chunnaic mi, agus shuidhich mi mo chridhe air gach obair a nìthear fon ghrèin: tha àm anns an riaghlaich duine os cionn duine eile, ga aimhleas fhèin.
Agus tha breitheanas air tilleadh air ais, agus tha ceartas a’ seasamh fad as; oir thuislich an fhìrinn air an t‑sràid, agus cha b’urrainn ionracas teachd a‑steach.
Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd.
A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am breitheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.
Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.
An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh?