Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.
Mar nach eil fhios agad ciod i slighe an spioraid, no cionnas a dh’fhàsas na cnàmhan ann am broinn na mnà a bhios torrach, is amhail sin nach eil fhios agad air obraichean Dhè, mar a nì e na h‑uile nithean.
Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.
Cha mhò a dh’ith sinn aran duine sam bith an asgaidh; ach le saothair agus anshocair, a dh’oidhche agus a là ri obair, a‑chum nach cuireamaid ar trom air aon agaibh: