Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan ris, Nach deachaidh mo chridhe-sa maille riut, nuair a thill an duine o a charbad ad choinneamh? An àm seo a ghabhail airgid, agus a ghabhail aodaich, agus liosan-ola, agus fhìonliosan, agus chaorach, agus buair, agus òglach, agus bhanoglach?

Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.

Bidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheòil; agus facal na thràth, cia math e!

Ullaich d’obair a‑muigh, agus deasaich i dhut fhèin anns an achadh, agus na dhèidh sin tog do thaigh.

Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh le gliocas, mu thimcheall gach nì a nìthear fo nèamh: an t‑saothair ghoirt seo thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe.

Uime sin dh’fhuathaich mi beatha, a chionn gur doilgheasach dhomh an obair a dh’obraichear fon ghrèin: oir is dìomhanas na h‑uile nithean agus buaireadh spioraid.

Dh’iarr mi ann am chridhe mi fhèin a thabhairt do fhìon (gidheadh a’ seòladh mo chridhe ann an gliocas), agus greim a ghabhail air amaideachd, gus am faicinn ciod e am math sin do chloinn nan daoine, a bu chòir dhaibh a dhèanamh fo nèamh air feadh uile làithean am beatha.

Thubhairt mi am chridhe, Bheir Dia breith air an fhìrean agus air an aingidh: oir tha àm an sin a‑chum gach uile rùin, agus a‑chum gach uile obrach.

Ann an là an t‑soirbheachaidh bi subhach, ach ann an là an doirbheis smaoinich: rinn Dia mar an ceudna seo fa chomhair siud, a‑chum nach faigheadh duine a‑mach aon nì na dhèidh.

Dh’èigh iad an sin, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, chuir ioma-luasgadh bacadh air a’ choinneamh a shuidhicheadh.

Agus air madainn, Bidh droch aimsir ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg agus dorcha. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air gnùis an adhair, agus nach eil e an comas dhuibh comharraidhean nan aimsir a thuigsinn?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan