Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rinn mi dhomh fhèin lochain uisge, a dh’uisgeachadh leo na coille anns am fàs craobhan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh mi air m’aghaidh gu geata an tobair, agus gu lochan an rìgh: ach cha robh àit ann don ainmhidh a bha fodham gu dol thairis.

Agus litir gu Asaph, fear-gleidhidh frìth an rìgh, a‑chum gun toir e dhomh fiodh a dhèanamh sailthean airson geatachan na lùchairt a bhuineas don taigh, agus airson balla a’ bhaile, agus airson an taighe don tèid mi. Agus thug an rìgh dhomh, a rèir làmh mhath mo Dhè orm.

Ach geata an tobair chàraich Salum mac Chol-hoseh, fear-riaghlaidh roinn Mhispah: thog e e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balla lochan Shiloah làimh ri lios an rìgh, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh.

Na dhèidh-san chàraich Nehemiah mac Asbuic, fear-riaghlaidh leth-roinn Bhet-suir, gu ruig fa chomhair àitean-adhlacaidh Dhaibhidh, agus gu ruig an lochan a rinneadh, agus gu ruig Bet-agbarim.

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

Tha do mhuineal mar thùr ìbhoraidh; do shùilean mar lochan èisg ann an Hesbon, làimh ri geata Bhat-rabaim; do shròn mar thùr Lebanoin, a sheallas a làimh Dhamascais.

Oir bidh e mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a‑mach a freumhan ri taobh an t‑srutha, agus nach mothaich cuin a thig an tart: ach aig am bi a duilleach uaine, agus air nach bi iomagain ann am bliadhna na tiormachd, cha mhò a sguireas i de thoirt seachad toraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan