Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 2:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rinn mi dhomh fhèin gàrraidhean agus liosan chrann-meas, agus shuidhich mi annta craobhan de gach gnè thoraidh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus litir gu Asaph, fear-gleidhidh frìth an rìgh, a‑chum gun toir e dhomh fiodh a dhèanamh sailthean airson geatachan na lùchairt a bhuineas don taigh, agus airson balla a’ bhaile, agus airson an taighe don tèid mi. Agus thug an rìgh dhomh, a rèir làmh mhath mo Dhè orm.

Is lios glaiste thu, a phiuthar, a chèile; fuaran dùinte, tobar air a sheulachadh.

Tha do gheugan mar lios phomgranat, leis a’ mheas as taitniche; le croinn champhir maille ri preasan spiocnaird:

Eirich, a ghaoth tuath, agus thig a ghaoth a deas, sèid air feadh mo liosa, rachadh fàile cùbhraidh a spìosraidh a‑mach. Thigeadh m’annsachd da lios, agus itheadh e a thoradh taitneach.

Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.

Chaidh fear mo ghràidh-sa sìos da lios, gu leapaichean nan spìosraidh, a dh’ionaltradh anns na liosan, agus a thional lilidh.

Agus thàrladh an tràth a chunnaic Sedeciah rìgh Iùdah iad, agus na fir-chogaidh uile, gun do theich iad, agus gun deachaidh iad a‑mach as a’ chathair anns an oidhche, air slighe gàrradh an rìgh, tron gheata, eadar an dà bhalla; agus chaidh iad a‑mach air slighe a’ chòmhnaird.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan