Agus sheall mi air m’ais a dh’fhaicinn gliocais, agus cuthaich, agus amaideachd: oir ciod a dh’fhaodas an duine a dhèanamh a thig an dèidh an rìgh? An nì sin fhèin a rinneadh cheana.
Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.
Leag mi mo chridhe air faotainn eòlais air, agus air rannsachadh, agus air sireadh gliocais, agus adhbhair nithean, agus air fios a bhith agam air aingidheachd amaideachd, agus air amaideachd na mì‑chèille.