Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 2:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gach nì a mhiannaich mo shùilean cha do chùm mi uapa; cha do bhac mi mo chridhe o shubhachas sam bith: oir rinn mo chridhe aoibhneas ann am shaothair uile; agus b’e seo mo chuibhreann dem uile shaothair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus gu robh i taitneach don t-sùil, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.

Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.

Rinn mi coicheangal rim shùilean: carson, matà, a smaoinichinn air maighdinn?

Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighean beòthaich mi.

Oir ithidh tu toradh do làmh; sona bidh tu, agus èiridh gu math dhut.

An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh.

Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.

Thubhairt mi am chridhe, Teann a‑nis, dearbhaidh mi thu le subhachas; uime sin meal math: ach, feuch, is dìomhanas seo mar an ceudna.

Oir ciod a tha aig duine de a uile shaothair, agus de bhuaireadh a chridhe, anns an do shaothraich e fon ghrèin?

Chan eil nì ann as fheàrr do dhuine na gun itheadh agus gun òladh e, agus gun tugadh e air a anam math a mhealtainn na shaothair.

Uime sin tha mi ag aithneachadh nach eil nì as fheàrr na gun dèanadh duine gàirdeachas na obraichean, a chionn gur e sin a chuibhreann: oir cò a bheir e a dh’fhaicinn an nì a bhios na dhèidh?

An tì a ghràdhaicheas airgead, cha sàsaichear e le airgead; no an tì a ghràdhaicheas pailteas, le toradh: is dìomhanas seo mar an ceudna.

Mar an ceudna rè a làithean uile ithidh e ann an dorchadas, agus bidh mòran doilgheis agus feirge aige na thinneas.

Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhreann.

Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e.

Is fheàrr sealladh nan sùl na seachran a’ mhiann: is dìomhanas seo mar an ceudna agus buaireadh spioraid.

An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach eil nì as fheàrr aig duine fon ghrèin na ithe agus òl, agus a bhith subhach; oir fanaidh sin aige de a shaothair, rè làithean a bheatha, a bheir Dia dha fon ghrèin.

Chaidh as mar an ceudna a‑nis dan gràdh, agus dam fuath, agus dam farmad; agus cha bhi cuibhreann aca tuilleadh gu bràth ann an aon nì a nìthear fon ghrèin.

Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi as ionmhainn leat rè uile làithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhut fon ghrèin: oir is e seo do chuibhreann anns a’ bheatha seo, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fon ghrèin.

Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal.

Agus thàinig e a‑nìos, agus dh’innis e da athair agus da mhàthair, agus thubhairt e, Chunnaic mi bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach; agus a‑nis faighibh i dhòmhsa na mnaoi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan