Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 12:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dùinear na dorsan anns na sràidean, nuair a bhios fuaim na bleith ìosal, agus a dh’èireas e suas aig guth an eòin, agus a dh’ìslichear uile nigheanan a’ chiùil;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Tha mi an‑diugh ceithir-fichead bliadhna a dh’aois: an urrainn mise aithneachadh eadar math agus olc? An urrainn do sheirbhiseach na dh’itheas no na dh’òlas mi a bhlasad? An urrainn mise tuilleadh guth fhear agus bhan a sheinneas a chluinntinn? Carson matà a bhiodh do sheirbhiseach fhathast na èire air mo thighearna an rìgh?

Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt.

Gabh na clachan-muilinn agus bleith min; leig ris do chiabhan, rùisg do throigh, leig ris do chas, imich tro na h‑aibhnichean.

Os bàrr, bheir mi uapa guth a’ ghàirdeachais agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-pòsda, fuaim nan clachan-muilinn, agus solas na coinnle.

Agus cha chluinnear annad nas mò fuaim chlàrsairean, agus luchd-ciùil, agus phìobairean, agus thrompadairean; agus chan fhaighear annad nas mò fear-ceàirde, de ghnè ceàirde sam bith; agus cha chluinnear fuaim cloiche-muilinn annad nas mò;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan