Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 11:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Mun siubhail mi, agus nach till mi tuilleadh, gu tìr an dorchadais agus sgàil a’ bhàis;

Tìr dorchadais mar dhuibhre sgàil a’ bhàis; agus as eugmhais gach riaghailt, agus far a bheil an solas mar dhorchadas.

Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e?

Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad.

Tha e ag imeachd mun cuairt airson arain, ag ràdh, Càit a bheil e? Tha fhios aige gu bheil là an dorchadais deas aig a làimh.

Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e.

Tha an duine a tha ann an urram agus a tha gun tuigse cosmhail ris na h‑ainmhidhean, a ghearrar as.

Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh.

An sin thubhairt mi am chridhe, Mar a thachras don amadan, mar sin tachraidh dhòmhsa fhèin; agus carson uime sin a bha mise na bu ghlice na esan? An sin thubhairt mi am chridhe gur dìomhanas seo mar an ceudna.

Uime sin dh’fhuathaich mi beatha, a chionn gur doilgheasach dhomh an obair a dh’obraichear fon ghrèin: oir is dìomhanas na h‑uile nithean agus buaireadh spioraid.

Agus cò aig a bheil fhios co‑dhiù a bhios e na dhuine glic no na amadan? Gidheadh bidh uachdaranachd aige os cionn mo shaothrach uile anns an do shaothraich mi, agus anns an d’fhuaireadh mi gu glic fon ghrèin. Is dìomhanas seo mar an ceudna.

Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Chan eil crìoch air an t‑sluagh uile, orrasan uile a bha romhpa: cha dèan iadsan mar an ceudna a thig nan dèidh gàirdeachas ann. Gu cinnteach is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e.

O tha mòran de nithean ann a mheudaicheas dìomhanas, ciod as fheàirrde an duine sin?

Seadh, ged bhiodh e beò mìle bliadhna dà uair, gidheadh chan fhaic e math: nach imich iad uile do aon àite?

Ann an là an t‑soirbheachaidh bi subhach, ach ann an là an doirbheis smaoinich: rinn Dia mar an ceudna seo fa chomhair siud, a‑chum nach faigheadh duine a‑mach aon nì na dhèidh.

Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair.

An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach eil nì as fheàrr aig duine fon ghrèin na ithe agus òl, agus a bhith subhach; oir fanaidh sin aige de a shaothair, rè làithean a bheatha, a bheir Dia dha fon ghrèin.

Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.

Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

An sin thubhairt an rìgh ris na seirbhisich, Air a cheangal dhuibh eadar chasan agus làmhan, togaibh leibh e, agus tilgibh e anns an dorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.

O gum biodh iad glic, gun tuigeadh iad seo, gun tugadh iad fa‑near an crìoch dheireannach!

Mar a thubhairt iad ribh, gum biodh anns an aimsir dheireannaich luchd-fanaid, a ghluaiseadh a rèir an ana-miannan mì‑dhiadhaidh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan