Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i.
Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e.
An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann-fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn?
Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan?