Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 11:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithean reamhar, agus òlaibh nithean milis, agus cuiribh cuibhreannan dan ionnsaigh-san do nach d’ullaicheadh nì air bith; oir tha an là seo naomh dar Tighearna: agus na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart.

Uime sin rinn Iùdhaich nam bailtean beaga, a bha nan còmhnaidh ann am bailtean nam mòr-roinn, an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair na là aoibhneis, agus cuirme, agus na là math, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile.

A rèir nan làithean anns an d’fhuair na h‑Iùdhaich fois on naimhdean, agus a’ mhìos a dh’iompaicheadh dhaibh o thùirse gu aoibhneas, agus o bhròn gu àm math; gun dèanadh iad iad nan làithean cuirme, agus aoibhneis, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile, agus thìodhlacan a‑chum nam bochd.

Ann an sia teanntachdan saoraidh e thu, agus anns an t‑seachdamh cha tig olc an gar dhut.

Sgaoil e, thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd gu bràth; mairidh a adharc le urram.

An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.

Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:

Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i.

Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig.

Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta:

Uime sin, O rìgh, biodh mo chomhairle-sa taitneach leat, agus bris air falbh do pheacaidhean le fìreantachd, agus d’euceartan le tròcair a nochdadh do na bochdan, a dh’fheuchainn am buanaichear do shìochaint.

Agus bidh esan na shìth. Nuair a thig an t‑Asirianach dar tìr, agus a shaltras e nar lùchairtean, an sin togaidh sinn na aghaidh seachd buachaillean, agus ochd cinn-fheadhna sluaigh.

Thubhairt Iosa ris, Chan abair mi riut gus an seachdamh uair, ach gu deich agus trì-fichead seachd uairean.

Tabhair don tì a dh’iarras ort; agus uaithesan lem bu mhiann iasad fhaotainn uat, na till air falbh.

Agus ma pheacaicheas e ad aghaidh seachd uairean anns an là, agus gun till e riut seachd uairean anns an là, ag ràdh, Tha aithreachas orm; thoir maitheanas dha.

A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.

Ag ath-cheannach na h‑aimsir, do bhrìgh gu bheil na làithean olc.

Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn.

Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh-ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan