Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 10:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu deimhinn teumaidh an nathair gun srann, agus chan fheàrr am bith-bhriathrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Dealbhaidh do theanga aimhleas, mar ealtainn ghèir, ag obrachadh ceilge.

Bris am fiaclan, a Dhè, nam beul; pronn gu tur tuisg nan leòmhann òga, a Thighearna.

A gheuraich mar chlaidheamh an teanga, a dheasaich an saighdean, eadhon briathran searbha,

Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh.

Ma bhios an t‑iarann maol, agus nach geuraich e am faobhar, feumaidh e an tuilleadh spionnaidh a chur leis; ach tha gliocas tairbheach a sheòladh.

Oir feuch, cuiridh mise nur measg nathraichean, rìgh-nathraichean, air nach laigh geasan, agus teumaidh iad sibh, deir an Tighearna.

Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn.

Ach cha chomasach do dhuine air bith an teanga a cheannsachadh; is olc do‑chasgaidh i, làn de nimh mhairbhteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan