Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?
Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh-san.
Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.
Oir tha ur n‑ùmhlachd-se air teachd a‑chum nan uile dhaoine. Uime sin tha mise a’ dèanamh gàirdeachais dur taobh-se: gidheadh b’àill leam sibhse a bhith glic a‑chum a’ mhaith, ach aon-fhillte a‑thaobh an uilc.
Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach, agus ma nì mo làmh greim air breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas dom naimhdean, agus bheir mi luigheachd dhaibhsan aig a bheil fuath dhomh.