Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

An sin sheall mi air m’obraichean uile a rinn mo làmhan, agus air an t‑saothair anns an do shaothraich mi ga dèanamh; agus, feuch, bu dìomhanas an t‑iomlan, agus buaireadh spioraid, agus cha robh tairbhe ann fon ghrèin.

Seadh, dh’fhuathaich mi mo shaothair uile a shaothraich mi fon ghrèin, a chionn gum fàg mi i don fhear a bhios am dhèidh.

Agus cò aig a bheil fhios co‑dhiù a bhios e na dhuine glic no na amadan? Gidheadh bidh uachdaranachd aige os cionn mo shaothrach uile anns an do shaothraich mi, agus anns an d’fhuaireadh mi gu glic fon ghrèin. Is dìomhanas seo mar an ceudna.

Oir ciod a tha aig duine de a uile shaothair, agus de bhuaireadh a chridhe, anns an do shaothraich e fon ghrèin?

Ciod an tairbhe a tha aigesan a dh’obraicheas, anns an nì sin anns an saothraich e?

Ach is fheàrr na iad le chèile an tì nach robh ann fhathast, nach faca an droch obair a nìthear fon ghrèin.

An sin thionndaidh mi, agus chunnaic mi dìomhanas fon ghrèin.

Is olc cràiteach seo mar an ceudna, air gach uile chor air an tàinig e, mar sin gun tèid e: agus ciod an tairbhe a tha aigesan a shaothraich don ghaoith?

Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhreann.

Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin?

Is math gliocas maille ri oighreachd: agus le sin tha tairbhe acasan a chì a’ ghrian.

An gliocas seo mar an ceudna chunnaic mi fon ghrèin, agus bu mhòr agam e.

Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.

Chaidh as mar an ceudna a‑nis dan gràdh, agus dam fuath, agus dam farmad; agus cha bhi cuibhreann aca tuilleadh gu bràth ann an aon nì a nìthear fon ghrèin.

Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil-inntinn ann an cuirm shòghmhoir.

Feuch, nach ann o Thighearna nan sluagh a tha seo, gun saothraicheadh daoine anns an teine, agus gun sgithicheadh slòigh iad fhèin airson nì faoin?

Ciod an tairbhe a tha anns an ìomhaigh shnaidhte, gun do rinn am fear a dhealbh i a snaidheadh: anns an ìomhaigh leaghte, agus ann am fear-teagaisg nam breug, gun earbadh fear-dèanamh na h‑obrach seo aisde, a dhèanamh iodhalan balbha?

Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.

Gum bi sibh umhail dan leithidean sin, agus do gach aon a nì obair agus saothair maille rinne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan