Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 1:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhair mi rim chridhe fhèin, ag ràdh, Feuch, dh’fhàs mi mòr, agus fhuair mi tuilleadh gliocais na iadsan uile a bha romham ann an Ierusalem, agus chunnaic mo chridhe mòran gliocais agus eòlais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, cha do chreid mi na briathran gus an tàinig mi agus gum faca mo shùilean fhèin e; agus, feuch, cha d’innseadh a leth dhomh: chaidh do ghliocas agus do shoirbheachadh thar an iomraidh a chuala mi.

Agus bu mhò gliocas Sholaimh na gliocas uile chlann na h‑àird an ear, agus na uile ghliocas na h‑Eiphit.

Bheir mo sheirbhisich sìos iad o Lebanon a dh’ionnsaigh na mara: agus cuiridh mi air falbh iad nan ràthan air muir, gu ruig an t‑àit a shònraicheas tu dhomh, agus cuiridh mi air tìr iad an sin, agus bheir thusa leat iad; agus nì thu mo riar ann am biadh a thabhairt dom theaghlach.

Agus thubhairt Gehasi, òglach Elisa, an duine le Dia, Feuch, chaomhain mo mhaighistir Nàaman an Sirianach seo, a‑thaobh nach do ghabh e as a làimh an nì sin a thug e leis: ach mar as beò an Tighearna, ruithidh mise na dhèidh, agus gabhaidh mi nì‑eigin uaithe.

Thubhairt Huram mar an ceudna, Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil a rinn nèamh agus talamh, a thug do Dhaibhidh an rìgh mac glic, aig a bheil eòlas agus tuigse, a thogadh taigh don Tighearna, agus taigh da rìoghachd.

Biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh; labhraibh ri ur cridhe air ur leabaidh, agus bithibh tosdach. Selah.

Chuimhnich mi mo cheòl anns an oidhche; rinn mi cainnt rim chridhe fhèin, agus rannsaich mo spiorad gu geur:

Thubhairt mi am chridhe, Teann a‑nis, dearbhaidh mi thu le subhachas; uime sin meal math: ach, feuch, is dìomhanas seo mar an ceudna.

An sin thubhairt mi am chridhe, Mar a thachras don amadan, mar sin tachraidh dhòmhsa fhèin; agus carson uime sin a bha mise na bu ghlice na esan? An sin thubhairt mi am chridhe gur dìomhanas seo mar an ceudna.

Mar sin bha mi mòr, agus dh’fhàs mi nas mò na gach duine a bha romham ann an Ierusalem: os bàrr, dh’fhan mo ghliocas agam.

Thubhairt mi am chridhe, Bheir Dia breith air an fhìrean agus air an aingidh: oir tha àm an sin a‑chum gach uile rùin, agus a‑chum gach uile obrach.

A tha ag ràdh, Togaidh mi dhomh fhèin taigh mòr, agus seòmraichean farsaing; a’ gearradh a‑mach dha fhèin mar an ceudna uinneagan, ga chòmhdachadh fòs le seudar, agus ga dhath le corcar.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan