Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 1:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An nì a tha cam, cha ghabh e dèanamh dìreach; agus an nì a tha a dh’easbhaidh, cha ghabh e àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

Tha fhios agam gach nì a nì Dia, gum bi e ann gu bràth; cha ghabh aon nì cur ris, no aon nì toirt uaithe: agus nì Dia seo, a‑chum gum biodh eagal air daoine roimhe.

Leag mi mo chridhe air faotainn eòlais air, agus air rannsachadh, agus air sireadh gliocais, agus adhbhair nithean, agus air fios a bhith agam air aingidheachd amaideachd, agus air amaideachd na mì‑chèille.

Bidh gach gleann air àrdachadh, agus gach sliabh agus cnoc air ìsleachadh; agus nìthear an cam dìreach, agus na h‑ionadan garbha nan còmhnard rèidh.

Am faod an t‑Etiopach a chraiceann a mhùthadh, no an liopard a bhrice? An sin faodaidh sibhse, a bha cleachdte ri olc, math a dhèanamh.

Cò esan a their, agus gun tig e gu crìch, nuair nach àithn an Tighearna?

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Agus cò agaibh le mòr-chùram a dh’fhaodas aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan