Oir cha bhi cuimhne air an duine ghlic nas mò na air an amadan gu bràth; o dhìochuimhnichear na nithean a tha a‑nis ann uile anns na làithean a tha ri teachd: agus cionnas a dh’eugas an duine glic? Mar an t‑amadan.
Agus mar sin chunnaic mi na h‑aingidh adhlaicte, a thàinig agus a dh’imich o àit an naoimh, agus dhìochuimhnicheadh iad anns a’ chathair anns an do rinn iad mar sin: is dìomhanas seo mar an ceudna.
Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.