Agus mar an ceudna dh’òrdaich thu fàidhean a ghairm mud thimcheall ann an Ierusalem, ag ràdh, Is rìgh e ann an Iùdah: agus a‑nis aithrisear don rìgh a rèir nam briathar seo. A‑nis, matà, thig, agus cuireamaid ar comhairle ri chèile.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;