Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 9:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air a bhith don Spiorad Naomh a’ nochdadh seo, nach robh fhathast an t‑slighe a‑chum an ionaid a bu ro‑naoimhe air a foillseachadh, am feadh a bha an ciad phàillean fhathast na sheasamh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

An sin chuimhnich e na làithean o shean, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth?

Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach.

Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.

Oir air fhaicinn roimhe don sgriobtar gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tre chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do Abrahàm, ag ràdh, Beannaichear na h‑uile Chinnich annadsa.

Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar.

Agus tha an Spiorad Naomh mar an ceudna a’ dèanamh fianais dhuinne air na nithean seo: oir an dèidh dha a ràdh roimhe,

Uime sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,

Agus an taobh a‑staigh den dara roinn-bhrat, am pàillean ris an abrar an t‑ionad as ro‑naoimhe;

Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan