Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 9:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd-shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè.

Mar sin thug Manaseh air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim dol air seachran, gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil.

Cò a thuigeas a sheachrain? O lochdan diamhair glan thusa mi.

Chuireadh campar orm leis a’ ghinealach ud, agus thubhairt mi, Is sluagh seachranach nan cridhe iad, agus chan aithne dhaibh mo shlighean,

Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna.

Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.

Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.

A‑thaobh mo shluaigh-sa, tha clann a’ dèanamh sàrachaidh orra, agus tha mnathan a’ riaghladh os an cionn. O mo shluagh, tha do chinn-iùil gad chur air seachran, agus a’ fiaradh slighe do cheuman.

Oir tha luchd-stiùraidh an t‑sluaigh seo gan cur air seachran; agus bidh iadsan a stiùrar leo air an slugadh suas.

Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.

Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a-chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus bheir e leis reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, a‑chum ìobairt-easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt; agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a aineolais, leis an deachaidh e air seachran agus gun fhios aige air; agus maithear dha e.

Agus trèigidh a luathas an duine luath, agus cha bhi an duine làidir treun na neart, cha mhò a nì an duine cumhachdach e fhèin a shaoradh.

Agus nì an sagart rèite airson co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, agus maithear dhaibh e, oir is aineolas a tha ann: agus bheir iad leo an tabhartas, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna, agus an ìobairt-pheacaidh an làthair an Tighearna, airson an aineolais.

Aig a bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhaibh a bhith nan coimhich do bheatha Dhè, a‑thaobh an aineolais a tha annta, tre chruas an cridhe:

Ach anns na h‑ìobairtean sin nìthear ath-chuimhneachadh air na peacaidhean gach bliadhna.

Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.

Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Agus an taobh a‑staigh den dara roinn-bhrat, am pàillean ris an abrar an t‑ionad as ro‑naoimhe;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan