Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 9:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.

Agus shuidhich mi an sin àite don àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri ar n‑athraichean, nuair a thug e a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit.

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit.

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh as an Eiphit.

Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus thionndaidh Maois, agus chaidh e sìos as an t‑sliabh, agus dà chlàr na Fianais na làimh; bha na clàir sgrìobhte air an dà thaobh; air an taobh seo, agus air an taobh ud eile bha iad sgrìobhte.

Agus nuair a thàinig Maois a‑nuas o shliabh Shinài, (le dà chlàr na Fianais ann an làimh Mhaois, nuair a thàinig e a‑nuas on t‑sliabh), cha robh fhios aig Maois gun do dhealraich craiceann a aghaidh, am feadh is a bha e a’ còmhradh ris.

Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus dà làimh-choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna.

Airc na Fianais, agus a bataichean, agus a’ chathair-thròcair;

Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn-bhrat.

Agus gabhaidh e tùiseir làn de èibhlean teine on altair an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac de thùis dheagh-bholaidh pronnte gu mìn, agus bheir e an taobh a‑staigh den roinn-bhrat e.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thoir slat Aaroin a‑rìs an làthair na Fianais, gu bhith air a gleidheadh mar chomharradh an aghaidh nan ceannairceach; agus bheir thu air falbh gu tur an gearain uamsa, a‑chum is nach bàsaich iad.

Agus tàrlaidh, gun tig slat an duine a thaghas mise fo bhlàth; agus bheir mi air gearain chloinn Israeil sgur uam, leis a bheil iad ri gearan nur n‑aghaidh-se.

Agus air an là màireach chaidh Maois a‑steach do phàillean na Fianais; agus, feuch, bha slat Aaroin, airson taigh Lèbhi, air briseadh a‑mach, agus air cur maoth dhuilleach aisde, agus air teachd fo bhlàth, agus air giùlan almoinean.

Agus thàrladh, an ceann dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, gun tug an Tighearna dhòmhsa an dà chlàr chloiche, eadhon clàir a’ choicheangail.

Nuair a chaidh mise suas don t‑sliabh a ghabhail nan clàr cloiche, eadhon clàir a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh, an sin dh’fhan mi anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge:

Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.

Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan