Agus thog e fichead làmh-choille ri taobhan an taighe le clàir seudair, on ùrlar gu ruig mullach nam ballachan; agus thog e dha iad air an taobh a‑staigh, eadhon don ghuth-àit, don ionad ro‑naomh.
Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub.
Agus thug e an àirc a‑steach don phàillean, agus chuir e suas brat a’ chòmhdaich, agus chòmhdaich e àirc na Fianais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Mar sin thomhais e a fhad fichead làmh-choille, agus an leud fichead làmh-choille, fa chomhair aghaidh an teampaill; agus thubhairt e rium, Is e seo an t‑ionad ro‑naomh.
Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis;
Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd-shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh:
Air a bhith don Spiorad Naomh a’ nochdadh seo, nach robh fhathast an t‑slighe a‑chum an ionaid a bu ro‑naoimhe air a foillseachadh, am feadh a bha an ciad phàillean fhathast na sheasamh: