B’fheumail uime sin gum biodh samhlaidhean nan nithean a tha anns na nèamhan air an glanadh leo seo; ach na nithean nèamhaidh fhèin le ìobairtean a b’fheàrr na iad seo:
Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.
A‑nis uime sin iarraibh-se maille ris a’ chomhairle air an àrd-cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh-se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh.
Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor-choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth:
Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.
Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?
Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:
Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;