Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is iad seo òrdaighean na h‑altarach anns an là anns an dèan iad i, a‑chum tabhartasan-loisgte ìobradh oirre, agus a‑chum fuil a chrathadh oirre.
Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-easaontais, agus cuiridh an sagart i air bàrr cluas dheas an neach a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise.
Agus marbhaidh e uan na h‑ìobairt-easaontais, agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-easaontais, agus cuiridh e i air bàrr cluas dheas an fhir a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise.
A‑thaobh an eòin bheò, gabhaidh e e, agus am fiodh seudair, agus an sgàrlaid, agus an hiosop, agus tumaidh e iad agus an t‑eun beò ann am fuil an eòin a mharbhadh os cionn an uisge ruith.
Oir tha beatha na feòla anns an fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman: oir is i an fhuil a nì rèite airson an anama.
Agus nì e ris an tarbh mar a rinn e ri tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, mar sin nì e ris: agus nì an sagart rèite air an son, agus bheirear maitheanas dhaibh.
Agus loisgidh e a saill uile air an altair, mar a loisgear saill ìobairt nan tabhartas-sìthe: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh, agus maithear dha e.
Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear air falbh saill an uain o ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart iad air an altair, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a rinn e, agus maithear dha e.
Agus bheir e seachad an dara eun mar ìobairt-loisgte, a rèir a’ ghnàtha: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e, agus maithear dha e.
Ach mura urrainn e dà thurtar, no dà chalaman òg a thoirt leis, an sin bheir esan a pheacaich leis, mar a thabhartas, an deicheamh cuid de ephah de fhlùr min, mar thabhartas-peacaidh: cha chuir e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas-peacaidh e.
An sin bheir e a‑chum an t‑sagairt e, agus gabhaidh an sagart làn a dhùirn dheth, eadhon cuimhneachan dheth, agus loisgidh e air an altair e, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is tabhartas-peacaidh e.
Agus bheir e leis reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, a‑chum ìobairt-easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt; agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a aineolais, leis an deachaidh e air seachran agus gun fhios aige air; agus maithear dha e.