Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 9:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Os bàrr, chrath e mar an ceudna an fhuil air a’ phàillean, agus air soithichean na naomh-sheirbhis uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair.

Agus gabhaidh tu de fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircean na h‑altarach led mheur, agus dòirtidh tu an fhuil uile aig bonn na h‑altarach.

An sin marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air bàrr cluas dheas a mhac, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise; agus crathaidh tu an fhuil air an altair mun cuairt.

Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh.

Agus gabhaidh tu an ola-ungaidh, agus ungaidh tu am pàillean, agus gach nì a tha ann, agus naomhaichidh tu e, agus a shoithichean uile: agus bidh e naomh.

Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre.

Agus mharbh e e; agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.

Mharbh e mar an ceudna an tarbh, agus an reithe, mar ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bha airson an t‑sluaigh; agus thug mic Aaroin da ionnsaigh an fhuil, agus chrath e i air an altair mun cuairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan