Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 9:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu bòrd de fhiodh sitim; dà làmh-choille a fhad, agus làmh-choille a leud, agus làmh-choille gu leth a àirde.

Agus cuiridh tu air a’ bhòrd aran taisbeanta romhamsa an còmhnaidh.

Agus nì thu coinnleir de òr fìorghlan, de obair bhuailte nìthear an coinnleir. Bidh a chas, agus a mheòir, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den obair cheudna.

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.

Agus cuiridh tu am bòrd an leth a‑muigh den bhrat, agus an coinnleir fa chomhair a’ bhùird air taobh deas a’ phàillein: agus cuiridh tu am bòrd air an taobh tuath.

Agus seo an nì a nì thu riu a‑chum an coisrigeadh, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt: Gabh aon tarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid,

Agus nì thu mar seo ri Aaron, agus ra mhic, a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut: seachd làithean coisrigidh tu iad.

Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.

Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?

Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh.

No fòs a‑chum e fhèin ìobradh gu minig, mar a thèid an t‑àrd-shagart gach bliadhna a‑steach don ionad naomh, le fuil nach leis fhèin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan