Agus gabhaidh sibh bad hiosoip, agus tumaidh sibh e anns an fhuil a tha anns an t‑soitheach, agus beanaidh sibh don àrd-doras, agus don dà ursainn, leis an fhuil a tha anns an t‑soitheach: agus cha tèid a h‑aon agaibh a‑mach air doras a thaighe gu ruig a’ mhadainn.
Agus thug e leis mic Aaroin, agus chuir Maois cuid den fhuil air bàrr an cluaise deise, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise: agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.
Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?
Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile,