Ach rinn Heseciah ùrnaigh air an son, ag ràdh, Gun tugadh an Tighearna math maitheanas do gach aon, a dheasaich a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna, Dia a athraichean, ged nach eil e glan a rèir glanadh an ionaid naoimh.
Agus mar seo nì thu riu, a‑chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar am feòil uile, agus nigheadh iad an aodach, agus mar sin dèanadh iad glan iad fhèin.
Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?
Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile,
Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach: