Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 9:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.

An sin marbhaidh e boc-goibhre na h‑ìobairt-pheacaidh a bhios airson an t‑sluaigh, agus bheir e a fhuil an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì e ra fhuil-san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus crathaidh e i air a’ chathair-thròcair, agus fa chomhair na cathair-thròcair.

Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a rèir peacadh an t‑sluaigh; an sin thugadh e airson a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsaigh an Tighearna a‑chum ìobairt-pheacaidh.

Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo-ghortaichte.

Agus thug e leis tabhartas an t‑sluaigh, agus ghabh e meann na h‑ìobairt-pheacaidh a bha airson an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus thug e suas e airson peacaidh, mar a’ chiad ìobairt.

Oir feuch, a’ chlach a leag mise fa chomhair Iosuah: air aon chloich tha seachd sùilean. Feuch, gearraidh mise a gearradh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus atharraichidh mi aingidheachd an fhearainn seo ann an aon là.

Ach ge bè a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e maitheanas a‑chaoidh, ach tha e an cunnart peanais shìorraidh:

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.

Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;

Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean:

Agus gu feitheamh ri a Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne on fheirg a tha ri teachd.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa,

Oir chan eil e an comas gun tugadh fuil tharbh agus ghobhar peacaidhean air falbh.

Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.

Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;

Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Oir ma nì fuil tharbh, agus ghobhar, agus luaithre aighe air a crathadh air an dream a bha neòghlan, an naomhachadh a‑chum glanadh na feòla;

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.

Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile,

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd-shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh:

Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan