Ach air teachd do Chrìosd na Àrd-shagart nan nithean matha a bha ri teachd, tre phàillean a bu mhò agus a b’iomlaine, nach do rinneadh le làmhan, sin ri ràdh, nach robh den togail seo;
Agus glanaidh mi iad on uile aingidheachd, leis an do chiontaich iad am aghaidh; agus maithidh mi an uile lochdan, leis an do pheacaich iad, agus leis an do rinn iad ceannairc am aghaidh.
Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.
Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.
Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.
Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.
Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.
Anns a bheil sibh mar an ceudna air ur timcheall-ghearradh leis an timcheall-ghearradh nach do rinneadh le làmhan, ann an cur dhibh corp peacaidhean na feòla, le timcheall-ghearradh Chrìosd;
Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor-choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth:
Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh.
Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.