Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 9:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An t‑seirbhis a bha a‑mhàin ann am biadhan agus ann an deochan, agus ann an iomadh gnè ionnlaid, agus deas-ghnàthan a‑thaobh na feòla, a chuireadh mar uallaich orra gu àm an leasachaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras bùth a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam-sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul.

Agus an t‑aodach, mas dlùth, no inneach e, no nì air bith dèante de chraiceann, a nigheas tu, ma chaidh a’ phlàigh asda, an sin nighear e an dara uair, agus bidh e glan.

Agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge anns an ionad naomh, agus cuiridh e air a èideadh, agus thig e a‑mach, agus ìobraidh e a ìobairt-loisgte fhèin, agus ìobairt-loisgte an t‑sluaigh; agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh.

An còta anairt naomh cuiridh e air, agus bidh na briogaisean anairt aige air a fheòil, agus leis a’ chrios anairt crioslaichidh e e fhèin, agus cuiridh e an crùn-anairt air: is èideadh naomh iad sin: air an adhbhar sin ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus cuiridh e air iad.

An t‑anam a bheanas ri aon air bith den leithidean sin, bidh e neòghlan gu feasgar, agus chan ith e de na nithean naomha, mura nigh e a fheòil le uisge.

O fhìon agus o dhibh làidir sgaraidh e e fhèin; fìon-geur fìona, no fìon-geur dibhe làidir chan òl e, cha mhò a dh’òlas e a’ bheag de shùgh nam fìondhearcan, cha mhò a dh’itheas e fìondhearcan ùr no tioram.

Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.

Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath-thilleadh a‑chum nan ciad-thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa?

A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;

Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe;

Agus nighidh uile sheanairean a’ bhaile sin as fhaisge don duine a mharbhadh, an làmhan os cionn an aighe den do ghearradh an amhach anns a’ ghleann:

Ach nuair a bhios e dlùth don fheasgar, an sin nighidh e e fhèin le uisge, agus nuair a thèid a’ ghrian fodha, thig e a‑steach do mheadhon a’ champa.

Uime sin na tugadh aon neach breith oirbh airson bìdh, no dibhe, no a‑thaobh là fèille, no gealaich nuaidh, no shàbaidean:

Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.

Na bithibh air ur giùlan mun cuairt le teagasgan eugsamhail coimheach: oir is math an nì an cridhe a bhith air a dhaingneachadh le gràs, chan ann le biadhan, nithean nach tug tairbhe don dream a ghnàthaich iad.

Oir cha do chuir e fo cheannsal nan aingeal an saoghal ri teachd, mum bheil sinn a’ labhairt.

Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh.

Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd,

Oir air don t‑sagartachd a bhith air a h‑atharrachadh, is èiginn an lagh a bhith air atharrachadh mar an ceudna.

A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch.

Bha, mas eadh, gu dearbh aig a’ chiad phàillean òrdaighean a‑thaobh seirbhis Dhè, agus naomh-ionad saoghalta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan