Eabhraidhich 8:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Eiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh. Faic an caibideil |
Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.