Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 8:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir nam biodh an ciad choicheangal sin gun uireasbhaidh, chan iarrte àite don dara coicheangal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Uime sin a bheil an lagh an aghaidh geallaidhean Dhè? Nar leigeadh Dia: oir nam biodh lagh air a thabhairt a bhiodh comasach air beatha a thoirt uaithe, gu deimhinn is ann on lagh a bhiodh fìreantachd.

Agus chan ann ribhse a‑mhàin a tha mise a’ dèanamh a’ choicheangail seo, agus nam mionnan seo;

A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?

Oir gu deimhinn tha an àithne roimhe air a cur air cùl, airson i a bhith anfhann agus neo-thairbheach.

Ach a‑nis fhuair e ministrealachd as ro‑fheàrr, a mheud is gu bheil e mar an ceudna na eadar-mheadhonair air coicheangal as fheàrr, a chaidh a dhaingneachadh air geallaidhean as fheàrr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan