Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 8:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan-ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan-taisgidh nan nithean coisrigte:

Seo uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearna orm a thuigsinn ann an sgrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile obraichean an t‑samhlaidh seo.

Agus feuch gun dèan thu iad a rèir an t‑samhlaidh a chaidh a leigeadh fhaicinn dhut anns an t‑sliabh.

A rèir gach nì a leigeas mise dhut fhaicinn, a rèir samhladh a’ phàillein, agus samhladh a àirneis uile, eadhon mar sin nì sibh.

Agus togaidh tu suas am pàillean a rèir a shamhlaidh, a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.

Fàs le bùird nì thu i; mar a nochdadh dhut anns an t‑sliabh, mar sin nìthear i.

Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir.

Agus air faotainn rabhaidh o Dhia ann am bruadar, gun iad a thilleadh a dh’ionnsaigh Heroid, chaidh iad dan dùthaich fhèin air slighe eile.

Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.

A tha nan sgàil air na nithean a tha ri teachd; ach is le Crìosd an corp.

Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor-choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth:

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:

Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.

Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,

Uime sin thubhairt sinn, gun tachair e, nuair a their iad seo rinne, no ri ar sliochd anns an àm ri teachd, gum bi againn ri ràdh a‑rìs, Faicibh samhladh altair an Tighearna, a rinn ar n‑athraichean, chan ann airson thabhartas-loisgte, no airson ìobairtean; ach is fianais i eadar sinne agus sibhse.

Agus an dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, dh’fhosgladh teampall pàillean na fianais air nèamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan