Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 8:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am feadh a tha e ag ràdh, Coicheangal nuadh, rinn e an ciad choicheangal sean. A‑nis an nì a tha aosda agus air fàs sean, tha e fagas do dhol as an t‑sealladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd-àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte-sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se.

Cha tèid an gràdh air cùl a‑chaoidh: ach mas fàidheadaireachdan a tha ann, thèid iad air cùl; mas teangaidhean, sguiridh iad; mas eòlas, cuirear air cùl e.

A rinn sinne mar an ceudna nar ministearan foghainteach an tiomnaidh nuaidh; chan ann den litir, ach den Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha.

Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.

Teirgidh iadsan, ach mairidh tusa: agus fàsaidh iad uile sean mar aodach;

Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.

Is cho mòr is sin a rinneadh Iosa na urras air coicheangal as fheàrr.

Ach a‑nis fhuair e ministrealachd as ro‑fheàrr, a mheud is gu bheil e mar an ceudna na eadar-mheadhonair air coicheangal as fheàrr, a chaidh a dhaingneachadh air geallaidhean as fheàrr.

Oir, a’ faotainn croin dhaibh, tha e ag ràdh, Feuch, thig na làithean (tha an Tighearna ag ràdh), anns an dèan mi coicheangal nuadh ri taigh Israeil, agus ri taigh Iùdah:

Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan