Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.
Agus glanaidh mi iad on uile aingidheachd, leis an do chiontaich iad am aghaidh; agus maithidh mi an uile lochdan, leis an do pheacaich iad, agus leis an do rinn iad ceannairc am aghaidh.
Agus anns an àm sin, deir an Tighearna, iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhi i ann; agus lochdan Iùdah, ach cha bhi iad rim faotainn: oir bheir mise maitheanas dhaibh sin a chaomhaineas mi.
Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.
Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,